Alt Text

Gaelic Provision

To view this page in English Click Here

Solarachadh Gàidhlig

Tha Acadamaidh Bhràghad Albainn pròiseil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh san sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil. Tha e cudromach dhuinn cothroman a thoirt do chloinn an tuigse aca leasachadh air dualchas na h-Alba is gu sònraichte cultar na Gàidhlig. Tro seo gheibhear deagh thuigse air eachdraidh na dùthcha agus cuideachadh ri ath-bheothachadh na Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt.

San sgoil againn, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) ri fhaighinn bho ìre Sgoil-Àraich gu Àrd-Sgoil. ’S e Sgoil-Àraich an leasachadh as ùra a th’ againn – a’ chiad fhear ann an Siorrachd Pheairt is Ceann Rois – a dh’fhosgail sa Ghiblean 2021. Tha dà chlas FMG againn sa bhun-sgoil – clasaichean P1-3 agus P4-7. Tha FMG ri fhaighinn cuideachd san Àrd-Sgoil. Bha a’ chiad bhuidheann airson fileantaich aig ìre SQA againn ann an 2022. ’S e ceum mhòr a bh’ ann do choimhearsnachd na sgoile.

Gheibh a h-uile sgoilear bho ìrean P1-AS1 cothrom Gàidhlig a dhèanamh mar neach ionnsachaidh agus bho AS3 air adhart cothrom Gàidhlig a dhèanamh aig ìre deuchainn SQA ’son luchd-ionnsachaidh.

Cliog an seo airson am fiosrachadh as ùra mu bhuannachdan FMG do chloinn fhaighinn www.gaidhlig.org.uk.

Cuiribh fios dhan sgoil ma tha ùidh agaibh tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, gu sònraichte airson clann aig ìrean Sgoil-Àraich neo P1. (Feumar FMG a thòiseachadh ann am P1 aig a’ char as anmoiche)

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Ghàidhlig mar chànan is cultar ann an Siorrachd Pheairt is Ceann Rois an seo.

Cuideachd, ma tha ùidh agaibh tha làrach-lìn aig Comann nam Pàrant Bràghad Albainn www.breadalbanegaelic.co.uk agus cuideachd aig Comann nam Pàrant nàiseanta. Tron linc seo aig Comann nam Pàrant gheibhear bhideothan bho diofar dhaoine mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.